Niall Moireasdan agus Niall Macdhomhnaill: Beath-Eachdraidh agus Orain

NicDhomhnaill, Joina (2000) Niall Moireasdan agus Niall Macdhomhnaill: Beath-Eachdraidh agus Orain. PhD thesis, University of Glasgow.

Full text available as:
[thumbnail of 13819004.pdf] PDF
Download (6MB)

Abstract

'S e priomh amas an trachdais seo cruinneachadh a dheanamh de dh'orain da bhard - Niall Moireasdan (1816-82) agus ogha Niall MacDhomhnaill (1883-1965). Tha an trachdas seo a gleidheadh ann an clo moran de dh'fhiosrachadh priseil a tha ann am fior chunnart a dhol a bith seach nach eil ach dha-rireabh dorlach dhaoine ann aig a bheil cuimhne air an-diugh agus an duine as oige dhiubh sin tri fichead's a' deich bliadhna a dh'aois. Tha an cruinneachadh seo a' toirt oidhirp air na tha ri fhaotainn de stuth a thoirt cruinn comhla le notaichean a mhinicheas adhbhar agus cuspair nan oran. Seach gu bheil an da bhard cairdeach dha cheile agus iad beo ann an diofar linntean ach san aon choimhearsnachd, thathar a' meas gum bi an trachd seo na dheagh bhun-steidh airson cnuasachadh nas doimhne air atharrachaidhean eadar an da chuid bardachd an da linne agus air dleasdanas a' bhaird anns a' choimhearsnachd. Seach gum biodh an da bhard a' deanamh drain taobh a-staigh coimhearsnachd, tha moran den gheur-chainnt gu math 'ionadair agus mar a bhiodh duil, tha iad gu trie a-mach air a bhith a' dealbhachadh charactaran ionadail cuideachd. Air sgath seo tha aire shonraichte air a thoirt do bhith a' claradh CO iad a tha air an ainmeachadh agus de na h-mteannan a tha air an iomradh agus tha Clar Dhaoine agus Clar Aiteannan air a thoirt ann an Ear-radh B aig deireadh an trachdais. Ann an 1898 dh'fhoillsich an t-Ollamh George Henderson Leahhar nan Gleann agus bha caibideal den leabhar sin a-mach air Niall Moireasdan - Bard Phabaigh. Tha sinn fada an comain Henderson airson an obair ionmholta a rinn e agus an t-saothair a ghabh e ri fichead oran leis a' bhard a chlaradh an sin. Tha Henderson a toirt beath-eachdraidh ghoirid air a bhM ach chan eil notaichean an cois gach oran a mhinicheas a chuleachdraidh no a dh'innseas c6 air am bheil am bard a-mach. Mar sin tha an trachdas seo a cur ri cruinneachadh Henderson seach gun d'fhuaireas moran fiosrachaidh mu na h- orain a tha air an clo-bhualadh roimhe agus a bharrachd air a sin, sia orain nach deachaidh riamh an clo anns a bheil 183 sreath uile gu leir. Seach gu bheil lamh- sgriobhainnean Henderson taisgte ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu, bha cothrom agam rudhrach sna coig bocsaichean deug a tha sin agus fhuaireas aon oran agus litir na cois a bha gu feum dhan trachdas. (Faic Oran 11) Cha deachaidh cruinneachadh de dh'orain Neill MhicDhomhnaill riamh an clo ged a dh'innis Iain MacDhomhnaill gun do sgriobh Tearlach Maclllinnein, nach maireann, as na Buirgh orain a bhMrd fhad's a bha e ag obair comhla ris ann an Sgarastagh. Bha uidh shonraichte aig Tearlach sna h-orain agus comas aige a Ghaidhlig a sgriobhadh ach gu mi-fhortanach thug e an lamh-sgriobhainn sin seachad air iasad do chuideigin bho chionn fhada agus's e thachair nach deach a thilleadh riamh agus tha e a-nise caillte. Ged is e call mor a bha sin agus barrachd orain ann's cinnteach na tha rin cluinntinn an-diugh, fhuair mi 24 oran le Niall MacDhomhnaill anns a bheil 681 sreath uile gu leir. Ged a tha e iongantach na tha fhathast ri fhaotainn bhon bheul-aithris, tha fios nach eil an seo ach cuibhreann gle bheag de na rinn an da bhard uile gu leir agus ged a tha mi air na b'urrainn dhomh a chur an clo san trachdas, b'fheudar dhomh criomagan a bha air leth sgaiteil fhagail as cuid de na h-orain mar speis do chuideachd nan daoine sin a bha air an aoireachadh, agus tha iomradh air a seo ann an duilleag notaichean nan oran sin. Ged a bhiodh e air a bhith inntinneach an cur ann, tha seo a' sealltainn gu bheil cumhachd agus seasamh aig na h-orain sa choimhearsnachd fhathast. Ann a bhith a rannsachadh mu na bmrd's iad Iain MacDhomhnaill (iar-ogha Neill Mhoireasdain agus mac Neill MhicDhomhnaill) agus Domhnall I. MacDhomhnaill a thug dhomh a mhor-chuid den fhiosrachadh. Bha an dithis seo cuideachail cuideachd seach gun robh iad mion-eolach air an taigh-ceilidh far am biodh Niall MacDhomhnaill a gabhail orain fhein agus orain a sheanar agus stiuir iad mi gu daoine eile a chuala iad a gabhail nan criomagan sin a bha a dhith orra. Chuir iadsan seachad iomadh feasgar a' bruidhinn rium mu na bmrd, an da chuid leotha fhein agus comhla, seach gun robh iad a cuimhneachadh cheathramhan dha cheile. Tha Henderson ag innse ann an Leabhar nan Gleann gun tug Mor - nighean Neill Mhoireasdain - dha a mhor-chuid's a bha aige agus tha cuimhne aig Domhnall L MacDhomhnaill gum biodh Niall MacDhomhnaill agus a bhraithrean ag innse gun tMnig am fear a bha seo dhachaigh far tir-mor agus gun do dh'fhan e dreis mhath ann an Cleite na Ducha's Na Hearadh a sgriobhadh mar a dh'innseadh Mor dha. (Abstract shortened by ProQuest.).

Item Type: Thesis (PhD)
Qualification Level: Doctoral
Additional Information: Adviser: Sheila Kidd
Keywords: Folklore, Linguistics, Music history
Date of Award: 2000
Depositing User: Enlighten Team
Unique ID: glathesis:2000-76174
Copyright: Copyright of this thesis is held by the author.
Date Deposited: 19 Dec 2019 09:15
Last Modified: 19 Dec 2019 09:15
URI: https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/76174

Actions (login required)

View Item View Item

Downloads

Downloads per month over past year