NicLeóid, Linda (2012) Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa. MPhil(R) thesis, University of Glasgow.
Full text available as:
PDF
Download (4MB) |
|
Multimedia file
Download (9MB) |
Abstract
Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo.
Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach.
Item Type: | Thesis (MPhil(R)) |
---|---|
Qualification Level: | Masters |
Additional Information: | This thesis is accompanied by an audio CD which will not be made publicly available. Individuals seeking access to the CD may submit a written request to the department of Celtic and Gaelic, School of Humanities. |
Keywords: | Orain is dain, neo-fhoillsichte, co-theacsa |
Subjects: | P Language and Literature > P Philology. Linguistics |
Colleges/Schools: | College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic |
Supervisor's Name: | Kidd, Dr. Sheila |
Date of Award: | 2012 |
Depositing User: | Miss Linda Macleod |
Unique ID: | glathesis:2012-3380 |
Copyright: | Copyright of this thesis is held by the author. |
Date Deposited: | 21 May 2012 |
Last Modified: | 09 Aug 2013 12:07 |
URI: | https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/3380 |
Actions (login required)
View Item |
Downloads
Downloads per month over past year