Litreachas na Gàidhlig à Sealann Nuadh

Marker, Viktoria (2019) Litreachas na Gàidhlig à Sealann Nuadh. MPhil(R) thesis, University of Glasgow.

Full text available as:
[thumbnail of 2018MarkerMPhil(R).pdf] PDF
Download (859kB)
Printed Thesis Information: https://eleanor.lib.gla.ac.uk/record=b3337377

Abstract

Geàrr-chunntas

Tha an rannsachadh seo a’ sgrùdadh eilthireachd agus tuineachadh ann an Sealann Nuadh eadar 1850 agus 1914 tro phrosbaig Ghàidhealach. Thathar a’ cleachdadh phrìomh-thùsan Gàidhlig à Sealann Nuadh airson anailis a dhèanamh air fèin-fhiosrachadh nan Gàidheal ann a bhith a’ siubhal gu, a’ tuineachadh ann an Sealann Nuadh. Chaidh prìomh-thùsan a chleachdadh a ghabhas cruth colbhan irisean, litrichean, leabhranan, agus cairt-phuist.
Gus dealbh iomlan fhaighinn air an litreachas Gàidhlig a tha ann agus so-ruigsinneach ann an Sealann Nuadh, thèid sùil a thoirt air na culaidhean-brosnachaidh a tha air cùl stèidheachadh a’ chorpais-litreachais. Tha susbaint an litreachais ga mheasadh a thaobh na buaidhe a bha aig an t-seann dùthaich, buaidh na dùthcha ùire, agus buaidh eilthireachd air inntinn nan Gàidheal. Tha an dòigh-obrach sin ga dhèanamh comasach amas an litreachais a sgrùdadh. Cuirear gu deuchainn trì coltachdan; ’s i a’ chiad dhiubh gun deach litreachas Gàidhlig a chruthachadh ann an Sealann Nuadh mar thoradh air iomairt mearachdan agus aimhreit a bha air èirigh ann am Breatainn tron 18mh agus 19mh linn a sheachnadh; tha an dàrna coltachd a’ cur mun aire gum b’ i an dùthaich ùr, freagarrachd a h-àrainneachd agus pailteas a goireasan nàdarra, a thug an t-saorsa do na Gàidheil litreachas a chruthachadh agus am fèin-aithne a dhaingneachadh; mu dheireadh thall, thathar a’ deasbad gur e eilthireachd, thairis air a h-uile factar eile, a dheimhinnich stèidheachadh agus cuspair litreachas na Gàidhlig ann an Sealann Nuadh.

Item Type: Thesis (MPhil(R))
Qualification Level: Masters
Keywords: litreachas na Gàidhlig, Sealann Nuadh, irisean, bàrdachd, litrichean, colbhan Gàidhlig.
Subjects: P Language and Literature > PB Modern European Languages > PB1501 Scottish Gaelic Language
Colleges/Schools: College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic
Supervisor's Name: Kidd, Dr. Sheila and MacCoinnich, Dr. Aonghas
Date of Award: 2019
Depositing User: Miss Viktoria Luise Marker
Unique ID: glathesis:2019-40943
Copyright: Copyright of this thesis is held by the author.
Date Deposited: 07 Feb 2019 10:08
Last Modified: 05 Mar 2020 21:48
Thesis DOI: 10.5525/gla.thesis.40943
URI: https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/40943

Actions (login required)

View Item View Item

Downloads

Downloads per month over past year