NicLeòid, Ciorstaidh (2013) Briathrachas an iasgaich ann an Eilean Bharraigh. MPhil(R) thesis, University of Glasgow.
Full text available as:
PDF
Download (215MB) |
Abstract
Tha beatha nam Barrach air a bhith an eisimeil ris an iasgach fad iomadach linn. Le crìonadh anns a’ Ghàidhlig mar phrìomh chànan na coimhearsnachd agus atharrachaidhean mòra air tighinn air an iasgach fhèin, tha an tràchdas seo ag amas air na h-uiread de bhriathrachas agus sheanfaclan agus a b’ urrainnear co-cheangailte ris an iasgach a ghleidheadh mus tèid an call bhon chainnt. A’ cleachdadh agallamhan le daoine ann am Barraigh a tha air am beòshlainte fhaighinn bhon iasgach, rinneadh clàraidhean den bhriathrachas seo. Fhuaras farsaingeachd bhriathrachais mun cuairt air ceithir prìomh roinntean; sgothan, uidheamachd, èisg agus an t-sìde agus gheibhear toradh na h-obrach anns an tràchdas seo. Tha 654 faclan no abairtean a’ nochdadh anns an tràchdas seo, 38 dhiubh nach eil air nochdadh roimhid ann am faclairean na Gàidhlig. Chuireadh feum air dealbhan an dà chuid deabhlan-làimheadh agus dealbhan didseatach gus soilleireachadh a thoirt air corra fhacal sa chruinneachadh. A thuilleadh air a’ chruinneachadh fhèin, gheibhear san tràchdas seo sgrùdadh an dà chuid a thaobh dualchainnt agus seimeantaig nam faclan a chruinnicheadh le prìomhachas air an sgrùdadh seimeantaig. A thuilleadh air sealltainn air ciall nam faclan fhèin, thathar a’ sealltainn air na dàimhealachdan agus ceanglaichean a tha ann eadar na faclan agus an ciall san sgrùdadh seo.
Item Type: | Thesis (MPhil(R)) |
---|---|
Qualification Level: | Masters |
Keywords: | Scottish Gaelic, dialectology, lexicology, semantics, fishing, Isle of Barra |
Subjects: | P Language and Literature > P Philology. Linguistics |
Colleges/Schools: | College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic |
Supervisor's Name: | Ó Maolalaigh, Prof. Roibeard |
Date of Award: | 2013 |
Depositing User: | Miss Ciorstaidh NicLeòid |
Unique ID: | glathesis:2013-4280 |
Copyright: | Copyright of this thesis is held by the author. |
Date Deposited: | 30 May 2013 10:03 |
Last Modified: | 09 Aug 2013 12:06 |
URI: | https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/4280 |
Actions (login required)
View Item |
Downloads
Downloads per month over past year