Reddy, Kathleen (2024) Cleachdaidhean creideimh nan Gàidheal Caitligeach sna h-Eileanan Siar mu dheas bho dheireadh na 19mh linn gus an latha an-diugh. PhD thesis, University of Glasgow.
Full text available as:
PDF
Download (2MB) |
Abstract
Cuiridh an tràchdas seo roinn de chleachdaidhean creideimh Chaitligich nan Eilean Siar mu dheas bhon naoidheamh linn deug gus an latha an-diugh, agus an seanchas a tha mu thimcheall orra, fon phrosbaig. Thuige seo, tha na cleachdaidhean seo air a bhith gan taisbeanadh gu tric ann an dòigh a bhios a’ freagairt ri adhbharan an luchd-aithris fhèin. Tro sgrùdadh iomadh-thùsach a bhios a’ tarraing air tobraichean sgrìobhte, notaichean tùsail luchd-cruinnichidh beul-aithris, clàraidhean bho thasglannan nach deach tar-sgrìobhadh thuige seo agus agallamhan ùra le Caitligich nan Eilean, thèid sealltainn gum faodar na cleachdaidhean seo fhaicinn mar lòcasan creideimh far a bheil luachan na h-Eaglaise Caitligich agus feartan na coimhearsnachd ionadail a’ tighinn còmhla.
Bheir gach caibideil dhen tràchdas seo sùil air lòcas creideimh a tha cudromach ann an an dualchas Caitligich nan Eilean: An Aifreann; cràbhadh don Òigh Mhoire; ùrnaighean aig an taigh; cràbhaidhean poblach; seanchas mu shagairt; sgeulachdan apocraphach; agus cleachdaidhean mu thimcheall air uisge coisrigte.
Le bhith a’ cur nan cleachdaidhean seo ann an co-theagsa ghluasadan san Eaglais Chaitligich agus a’ toirt prìomhachas do bheachdan Caitligich nan Eilean fhèin mu an dèidhinn, cuiridh an tràchas seo an gleans “Ceilteach” a th’ air na cleachdaidhean seo dhan dàrna taobh gus solas a thilgeil orra mar lòcasan creideimh far a bheil luachan coimhearsnachdan Caitligeach nan Eilean air an cur an cèill.
Item Type: | Thesis (PhD) |
---|---|
Qualification Level: | Doctoral |
Subjects: | B Philosophy. Psychology. Religion > BL Religion B Philosophy. Psychology. Religion > BR Christianity D History General and Old World > D History (General) D History General and Old World > D History (General) > D204 Modern History |
Colleges/Schools: | College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic |
Supervisor's Name: | Innes, Dr. Sìm and Mac’IlleMhaoil, Gillebrìde |
Date of Award: | 2024 |
Depositing User: | Theses Team |
Unique ID: | glathesis:2024-84178 |
Copyright: | Copyright of this thesis is held by the author. |
Date Deposited: | 21 Mar 2024 17:17 |
Last Modified: | 16 Apr 2024 08:02 |
Thesis DOI: | 10.5525/gla.thesis.84178 |
URI: | https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/84178 |
Actions (login required)
View Item |
Downloads
Downloads per month over past year