Marker, Viktoria Luise (2024) Litreachas na Gáidhlig ann am páipearan-naidheachd agus irisean Astraláisia, 1830 gu 1939. PhD thesis, University of Glasgow.
Full text available as:
PDF
Download (5MB) |
Abstract
’S e sgrùdadh air litreachas an sgapaidh-shluaigh Gháidhealaich a tha fa-near dhan tráchdas seo. Thathas a’ toirt sùil air bàrdachd agus rosg Gàidhlig a chuireadh an sgrìobhadh ann an colonaidhean agus, na b’ anmoiche, stàitean, agus mòr-roinnean Aotearoa agus Astráilia. Cuirear cuideam an seo air earrannan ann am páipearan-naidheachd agus irisean a chuimsich gu sónraichte agus sa chiad dol a-mach air na h-in-imrichean Gáidhealach. Leigidh sin leinn beachdachadh air cleasan a tha suaicheanta dha litreachas sluagh-sgapach na Gáidhlig.
Buinidh trì pàirtean dhan sgrùdadh seo is gach fear dhiubh a’ dol an doimhneachd ann an nàdar, feum, agus fáth fhoillseachaidhean Gáidhlig an Astraláisia. Mar thoiseach tÓiseachaidh, thathas a’ suidheachadh sgrìobhaidhean nan in-imrichean ann an co-theacsa colonach. Leigidh sinn leinn toirt fa-near dha dreuchd na Gàidhlig ann a bhith a’ colonachadh tìr, teanga, agus tuath Astralàisia. Cuiridh sùil air a’ cho-theacsa Albannach an comas dhuinn, an uair sin, beachdachadh air a’ bhuaidh leantainnich a bha aig foillseachaidhean Gáidhlig agus cleasan litreachais na seann d˘thcha air na Gáidheil an cëin. Chithear an seo cho mór an eisimeil lÏonraidhean tar-náiseanta is a bha an sgapadh-sluagh Gáidhealach.
An dèidh sin, thathas a’ toirt sùil air dà sheòrsa foillseachaidh ann am pàipearan-naidheachd Astraláisia: sanasan agus colbhan. Bheir an dá dhiubh sin fianais air foillseachaidhean Gáidhlig a fhreagair air cumadh is nádar nan árainneachdan cëin-thÏreach. Tha na h-earrannan seo uile a’ toirt mun aire dhuinn gun robh barrachd na feum samhlachail air a’ Ghàidhlig. Gu dearbh, bha Gáidheil Astraláisia airson an cánan máthaireil a chleachdadh ann an caochladh árainneachdan sóisealta, mar eisimpleir sa choimhearsnachd, san eaglais, agus aig obair.
Tha miann nan in-imrichean a bhith a’ rèiteachadh na Gàidhlig ri diofar àrainneachdan sòisealta cuideachd a’ tighinn am follais sa chaibideil mu dheireadh. Tha i sin a’ coimhead air dà iris a dh’fhoillsich litreachas na Gàidhlig an cèin: an Teachdaire Gaidhealach á Hobart, Tasmania, agus an New Zealand Tablet á Dunedin, Otago. Cuiridh an dá iris sin nas fhaide gu dearbhadh gu bheil sgrÏobhaidhean nan in-imrichean Gáidhealach nan sgáthan dha na h-árainneachdan sluagh-sgapach às an do dh’èirich iad.
Item Type: | Thesis (PhD) |
---|---|
Qualification Level: | Doctoral |
Additional Information: | Supported by funding from the Center for Doctoral Training in the Celtic Languages (CDT) and the AHRC. |
Subjects: | P Language and Literature > PB Modern European Languages > PB1501 Scottish Gaelic Language P Language and Literature > PN Literature (General) |
Colleges/Schools: | College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic |
Funder's Name: | Arts & Humanities Research Council (AHRC) |
Supervisor's Name: | Kidd, Dr. Sheila, MacCoinnich, Dr. Aonghas and Dunbar, Professor Robert |
Date of Award: | 2024 |
Depositing User: | Theses Team |
Unique ID: | glathesis:2024-84695 |
Copyright: | Copyright of this thesis is held by the author. |
Date Deposited: | 14 Nov 2024 16:06 |
Last Modified: | 14 Nov 2024 16:06 |
Thesis DOI: | 10.5525/gla.thesis.84695 |
URI: | https://theses.gla.ac.uk/id/eprint/84695 |
Actions (login required)
View Item |
Downloads
Downloads per month over past year